Mobilizon

Cruinnich Cuir air dòigh

A bheil Mobilizon  ùr dhut?

… faigh barrachd fiosrachaidh air Mobilizon

Seall air a’ mhìneachadh mhionaideach againn air joinmobilizon.org

Leugh mu eachdraidh a’ phròiseict agus an aithris-rùin againn air Framablog

… feuch Mobilizon

Cruthaich cunntas fuadain agus tachartasan fuadain air demo.mobilizon.org

Rabhadh: cha dèan sinn maorsainneachd air an làrach-lìn demo. Thèid dàta sam bith a th’ air a sguabadh às gu fèin-obrachail gach latha aig 00:01 (roinn-tìde Pharas)).

A bheil thu airson clàradh le Mobilizon ?

Briathrachas
Tha Mobilizon ag obair mar lìonra de dh’òstairean co-cheangailte ri chèile.
’S urrainn do dhuine sam bith le sgilean teicnigeach frithealaiche Mobilizon ris an canar ionstans òstadh.
Mar sin, thèid gach ionstans a chruthachadh, a bheothachadh, ’ga chur fo mhaorsainneachd ’s ga ghlèidheadh gu neo-eisimeileach le rianairean eadar-dhealaichte.

… air ionstans a chaidh a ro-thaghadh le Framasoft

💡 Bi glic!
Mus clàraich thu le ionstans, thoir an aire gun leugh thu an duilleag “Mu dhèidhinn” aige far am mìnich an t-ionstans teirmichean a’ chleachdaidh, cairt na maorsainneachd agus poileasaidh a’ cho-nasgaidh aige is msaa. Na doir an dàta agad ach gu làraichean a tha fo stiùireadh daoine sa bheil earbsa agad.

Seo liosta dhut de dh’ionstansan a mholamaid agus aig a bheil na h-aon luachan a th’ againn fhìn (dèan cinnteach gum freagair iad ris na luachan agad-sa!).

Dùthaich Ainm Òstair
🇫🇷 Diaspolizon Mu dhèidhinn dada
🇫🇷 Keskonfai Mu dhèidhinn Keskonfai
🇫🇷 Mobilizon.fr Mu dhèidhinn Framasoft
🇫🇷 Mobilizon de Picasoft Mu dhèidhinn Picasoft
🇫🇷 MobilizonPx Mu dhèidhinn Parinux
🇫🇷 Mobilizon Underworld Mu dhèidhinn Underworld
🇺🇸 NixNet Events Mu dhèidhinn NixNet
🇫🇷 RDV Tedomum Mu dhèidhinn Tedomum
🇬🇧 See you there! Mu dhèidhinn Nomagic
🇩🇪 mobilize.berlin Mu dhèidhinn mobilize.berlin

… air ionstans a thaghas tu fhèin

Gheibh thu clàr-innse de dh’ionstansan na coimhearsnachd air https://instances.joinmobilizon.org

Faigh cobhair le Mobilizon

A bheil ceist sam bith agad air Mobilizon? A bheil thu feumach air taic? Seo an t-àite ceart dhut!

Framasoft ⁊ thu fhèin